Poetry Map of Scotland · poem no. 204
Cuith-raing
ann an Tròndairnis
èiridh na binneanan
mar fhuamhairean sa cheò
Cuith-raing trang le luchd-turais
dotagan air a’ cheum
iolaire ag àrd-sheòladh
aiteal òir a sgèithe
thar monadh is slèibhe
os cionn Loch Hàsco
èiridh Grianan nam Maighdean
na cnocan nan cuach
dhan loch na aisling dhorch
na shùil a’ meòrachadh
sòbhragan buidhe nar cuimhne
na cairtean làir uile fo ar sùil
an lòn beag a’ triall gu Loch Langaig
snighe nam boinneagan air a’ chreig
ag innse sgeulachd a’ chridhe
A’ Chailleach leatha fhèin
na seasamh air Leathad na Caillich
a’ faicinn an eilein, chan e Kasashima
ach Altabhaig, Eilean a’ Chinn Mhòir
le tobhta Caibeal Dhòrais
an t-eilean air chumadh eala
mar a chunnaic na Lochalannaich e sa bhàgh
stàilinn fhuar sna dùirn
‘aig ‘is ‘sèadair’ a’ breacadh na tìr
mar fheur susuki sa chuimhne
aol-chluigeanan air a’ chreig
a’ leaghadh beag air bheag
reothadh agus sneachda
na gocain ’s na gealbhoinn
a’ sireadh an t-sìl sna gàrraidhean
fo sgèith a’ Chuain Sgìth tòisichidh
taigh-solais Rubha Rèidh a’ priobadh
tàirneanaich nan tonn air a’ chladach
am feamainn a’ cruinneachadh na thiùrr
agus sgriachail nan eun mara
na marcan-sìne nan deann sa bhàgh
’s na bàtaichean a’ gabhail fasgadh
òtrach ris a’ chladach
còrr is seachd mìle bliadhna
bho dh’fhàgadh na sligean
seann làraichean air feadh an àite
iad mar aisligean sa chuimhe
cuir thugam pòg am broinn slige
’s nuair a chluinneas mi an uiseag
cuiridh mi i rim chluais
a’ chiad ghealag-làir a’ nochdadh
chan fhada gus am bi na h-uain a’ bocail
Quiraing Renga
in Trotternish
the pinnacles rise
like giants in the mist
Quiraing busy with tourists
little dots on the path
an eagle flies high
golden wing gleam
over moor and mountain
above Loch Hasco
rises Grianan nan Maighdean
the hills a quaich
for the loch’s dark dream
a contemplative eye
yellow primroses remembered
the tormentil right before us
the little stream makes for Loch Langaig
drops drip on the rock
telling the heart story
the Old Lady on her own
standing on Leathad na Caillich
seeing the island, not Kasashima
but Altabhaig, the isle of the big headland
with the ruin of Doras’s Chapel
the island shaped like a swan
as the Norsemen saw it in the bay
cold steel in their grip
the land speckled with ‘aig’ and ‘shader’
susuki grass in the memory
stalactites on the rock
melting little by little
frost and snow
the tits and sparrows
look for the seed in the gardens
under the wing of the Minch
the Rubha rèidh lighthouse starts to blink
thunderous waves on the shore
the seaware gathering in heaps
and the screeching of seabirds
driven sea spray in the bay
and the boats sheltering
a midden by the shore
over seven thousand years
since the shells were left
ancient markings all over the place
like dreams remembered
send me a kiss in a shell
and when I hear the lark
I’ll put it to my ear
the first snowdrop appears
soon the lambs will frolic.
Maoilios Caimbeul
Gaelic version published in Tro Chloich na Sula (CLAR, 2014)